|
ENGLISH
Beachdan air An Dealbh Mòr
|
'Bha An Dealbh Mòr cho innleachdach is ùr-ghnàthach a chunnaic mise a-riamh a’ tachairt ann am foghlam Bun-sgoile. A’ tarraing air an àite, air a’ chànan is air a’ chultar shònraichte aca, chruthaich an luchd-teagaisg, na sgoilearan agus na pàrantan tachartas ionmholta a dh’fhàgas dìleab luachmhor aig Slèite, aig an Eilean agus aig ar dùthaich. ’S fhada gus an tèid an latha às mo chuimhne a thadhail mi air Slèite gus am pròiseact fhaicinn agus gus èisteachd ris a’ chloinn ag innse mun rud inntinneach is feumail is foghlamach a bha seo san robh iad an sàs. Tha am pròiseact na dheagh eisimpleir air mar a chuireas Bun-sgoil bheag tionnsgnadh an lùib foghlaim gus iomadh taobh den Churraicealaim air Feabhas a choileanadh. ’S e tha seo ach pròiseact iomairt coimhearsnachd de fhìor dheagh ghnè.'
Bruce Robertson - Stiùiriche an Fhoghlaim, Roinn na Gaidhealtachd
|
‘S e tha seo ach fìor dheagh eisimpleir air obair ealain nua-aimsireil ann an gnìomh anns na h-ealain lèirsinneach agus anns na h-ealain choileanaidh, a’ dèanamh ceangal ri amasan Riaghaltas na h-Alba a thaobh Foghlaim is Gàidhlig. Eisimpleir de na lùigeadh tu a thigeadh mar thoradh air ‘còirichean cultarach’ a bhith air an aithneachadh.’
Maggie Maxwell Ceannard Roinn na Co-ionnanachd (SAC) |
Tha tarraing dhealbhan a’ toirt innleachd dhuinn dhar beatha.
Tha e annainn aig aois glè òg a bhith a’ tarraing dhealbhan mar mheadhan air sinn fhìn a chur an cèill. Fhad ’s a tha sinn ag obair air dealbh, tha nithean nas soilleire dhuinn. Gheibh sinn air ar nàdar a leigeil ris agus, le eòlas is cleachdadh, nì e mothachail sinn air ar fèin-aithne - ag innse dhuinn cò sinn san àrainneachd sa bheil sinn beò. ’S e bunait làidir a tha sin do chloinn agus cuiridh e air an t-slighe iad gu tuilleadh foghlaim.
Chithear san Dealbh Mhòr, na dhlùth ’s na inneach, eachdraidh nan cuairtean ealain a inneadh a-muigh thairis air a’ chiad seachd mìosan. Tha sinn a’ faicinn eòlas na cloinne air cruth na talmhainn a’ fàs, is mar a thèid aca air sin a mhìneachadh. Tha a’ chlann fhèin a’ fàs nas comasaiche mu choinneimh na h-obrach; tha an t-sùil ’s an làmh air an saoradh; an sealladh nas gèire. Gheibh sinn fiosrachadh cuideachd mu na faireachaidhean aca. Aig an ìre as adhartaiche, tha am pearsa uile is am mothachadh uile ga nochdadh nuair a tha sinn a’ tarraing dealbh.
Tha an luchd-ealain mar chùl-taic dhan phròiseact, a’ brosnachadh is a’ piobrachadh gach duine fa leth gus an comasan a choileanadh - a’ chlann ’s an luchd-ealain a’ dol an ceann a chèile. Tha a’ chlann, air an ùr-mhisneachadh, a’ gabhail ceum gu h-inntinneach air adhart dhan obair mheudaichte a tha san Dealbh Mhòr fhèin. Tha iad a’ tuigsinn a’ cheangail eadar àiteachan is cruthan sònraichte agus tha iad deiseil gu bhith a’ tarraing còmhla mar bhuidhinn.
Tha an Dealbh Mòr le dhùbhlan fhèin, na mheud is na amasan; agus tha toil-inntinn is saothair an cois a bhith ga thoirt gu buil.
Chithear neo-eisimeileachd agus co-obrachadh an sin, spiorad an dà rud còmhla.
Tha an t-eòlas a thogas a’ chlann san obair lèirsinnich a’ leantainn dhan obair choileanaidh is iad a’ leasachadh an cuid sgilean tro ghluasad is dannsa, tro cheòl is fuaim. Tha beachdan a’ tighinn gu bith tro chleachdadh - tro bhith a’ feuchainn.
Tha brìgh a’ phròiseict ga nochdadh sa chuirm phoblaich; an luchd-amhairc shuas gu h-àrd; a’ chlann air a dhol nam buill tachartach - nan cuid choileanta den talamh a chruthaich iad fhèin le dealbh is ceòl.
Tha am peantadh aca a’ tionndadh na rud beò; samhlachail an dàrna h-uair, is an uair sin eas-cruthach.
Julie Brook
|
|
Beachd on Luchd-theagaisg
(ann an còmhradh ris an luchd-ealain)
'Bha an luchd-ealain cho brosnachail. Bha sibh (an luchd-ealain) a’ sealltainn ris an obair aca agus cha do chuir sibh aon uair sìos orra. Cha robh sibh ach ag ràdh riutha gun deigheadh aca air a dhèanamh na b’ fheàrr le bhith a’ feuchainn siud no seo – is sibh cho foighidneach is socair leotha. Cho brosnachail an-còmhnaidh - dhaibhsan agus dhuinne, na tidsearan. Cha b’ urrainn na b’ fheàrr.' - Jeanette Maclure/Christine Robertson
’S e obair dha-rìribh a tha sin. An rud a tha thu a’ dèanamh, tha thu gad leigeil fhèin ris nad dhealbh - ann an dòigh a tha dhut fhèin. ’S e tha sinne, an luchd-ealain, a’ dèanamh ach gu bheil sinn a’ mothachadh dhan sin a’ tachairt agus a’ feuchainn ri tuilleadh dhorsan fhosgladh dhuibh. Tha e cho taitneach dhuinne a bhith a’ faicinn dhaoine gan leigeil fhèin ris - cha b’ urrainn dhut gun sin a phiobrachadh.' - Julie Brook
'Thog a’ chlann fhèin air an dòigh obrach sin agus nuair a chaidh iad fhèin os cionn seisean-ealain san Tuireann, bha an aon dòigh acasan air an obair - fìor thaiceil.' - Christine Robertson
'Tha mi air mothachadh gu bheil a’ chlann nach àbhaist a bhith a’ dèanamh cho math ri càch, gu h-àraidh, misneachail ann a bhith a’ togail an guthan ’s a’ toirt am beachdan seachad. Tha iad air leth onarach fhad ’s a tha iad a’ measadh obair a chèile.' - Gail Brown
'Chan e a-mhàin gu bheil a’ chlann gan leigeil fhèin ris tro obair ealain, tha buaidh aige air taobhan eile den obair-sgoile aca – tha iad nas ealanta nan cuid cànain, mar eisimpleir. Tha a’ chlann a’ cur an inntinn thuige nas fheàrr sa chlas agus tha iad nas stolda.' - Suzanne NicDhòmhnaill
'Tha, tha an clas agamsa nas cinntiche asta fhèin agus tha iad tuigseach is breithneachail ann a bhith a’ measadh obair a chèile.' - Lindsay NicDhòmhnaill
'Tha a’ chlann a’ faireachdainn a-nis gu bheilear a’ cur suim nan cuid bheachdan.' - Suzanne NicDhòmhnaill
'Tha sinn uile a’ meas nan Ealan nas cudromaiche mar chuspair. Tha deagh spiorad air feadh na sgoile.' - Christine Robertson
'Tha mi a’ mothachadh barrachd do rudan - saoilidh mi gu bheil na cnuic nas soilleire, tha mi a’ dèanamh a-mach nan dathan.' - Raonaid Brennan (is an luchd-teagaisg uile)
'Abair cothrom dhan h-uile pàiste (is neach-teagaisg) a bhith ag obair le luchd-ealain phroifeiseanta. Tha e air spiorad na coimhearsnachd san sgoil a neartachadh. Cha ghabh tomhas a dhèanamh air na tha seo a’ ciallachadh dha gach duine cloinne fa leth. Chan e a-mhàin gun deach iad an sàs ann an obair chudromach anns an robh iad uile a’ tarraing còmhla, agus le coimhearsnachd Shlèite san fharsaingeachd, ach bha fèin-leasachadh na chois dhaibh is misneachadh.' - Alison Maclennan, Ceannard an Gnìomh
'Tha mi air a bhith còrr is 30 bliadhna a’ teagasg, ach cha tug pròiseact san robh mise a-riamh an sàs bàrr air an fhear sa.' - Christine Robertson
|
Beachdan a' chloinne fhèin...
'Bha e eagalach math a’ chiad seic fhaighinn an dèidh na rinn sinn de dh’obair is na sgrìobh sinn de litrichean. Bha e eadar-dhealaichte na caraidean againn a bhith a’ ruith a’ phròiseict. Bha fhios againn gum faigheadh ar beachdan èisteachd.' - Lasair Ealain
A bheil sibh a’ sealltainn air an t-saoghal mun cuairt oirbh le sùilean ùra a-nis?
'Chòrd e rium saorsa a bhith agam suidhe le mo dhealbh fhèin. Dh’fhaodadh sinn dealbh a dhèanamh den rud a bha sinn a’ faicinn agus rudan às ar mac-meanmnainn a chur còmhla ris.' - Elspeth P 5
'Nuair a tha thu a’ peantadh, chan e aon uair a tha thu a’ coimhead ris an t-sealladh. Chan eil thu ga chur sìos anns a’ bhad. Tha agad ri coimhead dhà no trì thursan mus eil thu cinnteach às.' - Seumas P4
'Tha sinn a’ cur barrachd suim anns an àite às a bheil sinn.' - Marie P6
A thaobh tòna, inneach agus dath
'Uaireannan chan fhaigh thu an dath ceart air a’ chiad oidhirp. Tha agad ri sealltainn ris na diofar fhiamhan den dath, agus air inneach, mus fhaigh thu an dath ceart. Dh’ionnsaich sinn am peant a chur air còta mu seach, le dathan air muin dhathan. Bheir seo air an dealbh a bhith a’ coimhead nas fheàrr - nas coltaiche ri rud fìor.' - Fiann P4
'Chì mi gu bheil na beanntan uaireannan gorm agus uaireannean eile pinc.' - Robbie P4
'Bha e math dòighean-obrach ùra ionnsachadh a leithid a bhith a’ dèanamh dhathan fionnar agus blàth.' - Crìsdean P7
Dè an rud a bu mhotha a dh’ionnsaich sibh?
'Chòrd na tursan-ealain rium. Chòrd e rium a bhith a’ taghadh sheallaidhean a bha sinn fhèin ag iarraidh peantadh agus nach robh againn ri rud a pheantadh nach robh sinn ag iarraidh. Bha e a’ ciallachadh gum b’ urrainn dhut an rud air an robh thu fhèin math a dhèanamh. Nì thu nas fheàrr nuair a tha ùidh agad san rud a tha nad dhealbh. Bha barrachd roghainn againn agus, mar sin dheth, bha barrachd an urra rinn fhèin. Tha e math a bith eadar-dhealaichte bho dhaoine eile.' - Linda P5
'Bha e math gun d’ fhuair sinn deagh pheant agus deagh stuth (bruisichean is pàipear). Chan eil am peant a gheibh sinn san sgoil air an fhear as fheàrr a chionn ’s gu bheil eagal air a’ Chomhairle gum feuch an fheadhainn as òige ri ithe, ach chan eil sinne a tha nas sine a’ dèanamh sin. Bha e math nach robh iad a’ dèiligeadh rinn mar phàistean beaga ach gun robh cothrom againn dèanamh cho math ’s a b’ urrainn dhuinn le dathan a bha math. Agus chòrd sin ris an fheadhainn bheaga cuideachd agus cha robh iad ri amaideas no a’ dèanamh miastadh.' - Mairi P7
'Bhathar a’ leigeil dhuinn rudan atharrachadh no a dhèanamh nas fheàrr, ach cha tuirt iad aon uair rinn gun robh rud, a-muigh ’s a-mach, ceàrr.' - Raonaid P7
'An rud a b’ fheàrr a chòrd riumsa ’s e bhith a’ cleachdadh nam paileatan-ealain proifeiseanta oir tha iad sin nas fheàrr na am peant spùtach a gheibh thu nach urrainn dhut a mheasgachadh ceart.' - Matthew P4
Luachadh on chloinn mun phròiseact
'Cothrom nach fhaigheadh tu a shamhail ach uair nad bheatha.' - Linda P5
'Bha e math dha-rìribh gun robh na tidsearan ag ionnsachadh còmhla rinn. Bha sinn uile co-ionnan. Cha do dh’fhairich mi gun robh duine ga mheas nas cudromaiche na mi, agus cha robh mi fhèin na bu chudromaiche na duine eile. Dh’obraich sinn còmhla.
Bha e coltach ri bhith a’ tasgadh airgead sa bhanca – bha an obair a chur thu a-steach ann air a phàigheadh air ais dhut - leis a’ bharrachd - ann an toileachas inntinn!' - Dor P6
'Bha na peantaidhean uile eadar-dhealaichte. Bha iad uile mu dheidhinn an duine a rinn iad agus bha ar faireachaidhean air an cur an cèill annta. Tha seo a’ leigeil dhan luchd-amhairc a bhith a’ faicinn nam faireachaidhean aca fhèin anns na dealbhan, a rèir dè am fonn a th’ orra fhèin aig an àm. Nuair a bha a’ ghrian ris, chitheadh tu an t-uisge a’ deàrrsadh agus chuireadh tu sin nad dhealbh. Bha sin cho brèagha.
Chòrd e rium gum faighinn air na faireachaidhean a bh’ agam an latha sin fhèin a chur dhan dealbh a bha mi ris.' - Mairi P7
'Tha e àraidh mar a tha thu a’ peantadh le saorsa is tu òg ach gu bheil e nas duilghe dhut a bhith ag obair air an dòigh sin mar as sine tha thu a’ fàs.' - Steaphanaidh P7
'Chòrd e riumsa mar a bha sinn ag obair le clasaichean eadar-dhealaichte agus gun robh mi uaireannan còmhla ri cuideigin à Clas 1.' - Rhiannon P4
'Bha e math Bha e math rudan ùra ionnsachadh ionnsachadh mar dathan blath thairis air dathan fuar.' - Crìsdean P7
’S toigh leam an dòigh nach eil agad ris an dealbh agad a dhèanamh ann an aon dòigh, faodaidh tu a bhith saor.' - Raonaid P7
’S toigh leam a bhith a’ faicinn nan tidsearan ag obair, agus Julie, Kath, Sarah Jane a’ cuideachadh nan tidsearan, agus a bhith a’ faicinn nan tidsearan aig an aon ìre rinne. ' - Iseabail P7
Nithean trioblaideach!
'Cha do chòrd na meanbh-chuileagan rium, boinneagan uisge a’ smaladh mo dhealbh - agus daoine a’ toirt m’ inntinn far an obair.' - Finlay P3
'Bha mise air mo chur droil le daoine a bha a’ seasamh air mo dhealbh.' - Michael P4
Còmhraidhean
'Chòrd e rium a bhith a’ sealltainn air dealbhan dhaoine eile agus a’ bruidhinn man deidhinn, agus ag innse carson a bha mi a’ smaoineachadh a bha iad math. Dh’ionnsaich mi tòrr.' - Lucy P2
'Bha a’ chlann tòrr na bu shaoire a’ peantadh na bha sinne. Dh’ionnsaich sinne tòrr o bhith a’ coimhead air an obair acasan. Thuirt mi rium fhèin, ”Ma thèid acasan air a dhèanamh, nì mise e. Dè ged nach bitheadh e buileach foirfe!”- Jeanette MacLure
'Tha dealbhan a h-uile duine eadar-dhealaichte seach gu bheil cuid nas fheàrr air ealain na cuid eile.' - Caleb P4
'Stad ort!. Tha iad eadar-dhealaichte seach gu bheil a dhòigh fhèin aig a h-uile duine air.' - Magnus P4
Seisean-oideachaidh aig An Tuireann
'Chòrd e riumsa a bhith a’ teagasg nan inbheach agus a’ stiùireadh an t-seisein-oideachaidh san Tuireann.
Bha e a’ faireachdainn math a bhith os cionn chùisean. Dh’fhaodadh tu daoine a chuideachadh ach cha bu tu fhèin a bha a’ dèanamh an deilbh is chitheadh tu bho muigh e. Bheireadh tu cuideachadh is comhairle seachad. Thug e oirnn cuimhneachadh air na deilbh againn fhèin is a bhith ag iarraidh fear eile a dhèanamh. Tha thu ag ionnsachadh fhad ’s a tha thu a’ teagasg.' - Neil P5
Ag obair air an dealbh ghual-fhiodh is air an Dealbh Mhòr fhèin
'Nuair a thòisich sinn leis a’ ghual-fhiodh air a’ chiad dhealbh mhòr bha mise a’ smaoineachadh gun robh sinn a’ dol a cheangal nan dealbhan againne uile ri chèile, ach ’s e bh’ ann ach aon dealbh mhòr is a h-uile duine ag obair còmhla oirre.' - Calum P5
'Bha mi car draghail: chuir e iongnadh orm nuair a chunnaic mi am meud a bh’ ann. Bha dùil agam nach biodh gu leòr againn a lìonadh an canabhas mor, ach, aon uair ’s gun do thòisich sinn, thuig mi gum bitheadh!' - Ruairidh P6
'Bha spioraid àraidh air feadh na sgoile aon uair ‘s gun do thòisich sinn air an Dealbh Mhòr. Nuair nach robh mi fhèin an sàs ann, bhithinn ag ràdh rium fhìn, “Saoil dè tha iad ris an-dràsta, eil iad air na beanntan a dhèanamh fhathast no an do chuir iad crìoch air a’ chidhe?”' - Dor P6
'Bha e math a bhith a’ cleachdadh nam bruisichean mòra. Chòrd e rinn a bhith a’ coiseachd air an dealbh fhad ’s a bha sinn ag obair oirre. Cha deanadh tu buileach a-mach na bha thu air dèanamh nuair a bha thu faisg air - bha an rud fhèin cho mòr. Ach nuair a Gheibheadh tu suas an aradh, chitheadh tu pìos bhuat e.' - Iseabail P7
Ag ullachadh dhan chuirm
'Bhrosnaich An Dealbh Mòr mise gus an saxophone a chluiche tòrr a bharrachd, agus leig Piers dhuinn rudan a dhèanamh nach robh sinn air dèanamh roimhe: dèanamh an-àird fhuaimean is ruitheaman. Gheibheadh sinn air fuaimean ùra fheuchainn. Thug Piers comhairle dhuinn a bha feumail.' - Benny P7
'Bha sinn a’ cleachdadh ar leabhraichean ann an dòigh eadar-dhealaichte. Bha na dathan leis an robh sinn ag obair saoibhir dha-rìribh - agus bha an t-aon rud fìor mun cheòl. ' - Winnie P7
'Bha ar faireachaidhean mun talamh agus na dathan nar deilbh a’ cur nar cinn mar a ghluaiseadh sinn is mar a dhannsadh sinn.' - Jamie P7
'Chaidh iarraidh oirnn deilbh a chòrd rinn nar leabhraichean a thoirt beò. ’S iad na cumaidhean nam dhealbh a chur nam inntinn na rudan a bh’ agam san dannsa. Chuidich Clare, an neach-carachaidh, sinn.' - Linda P5
'Rinn mise an danns agamsa o dhealbh de mhaidean a bh’ agam nam leabhar-dhealbh. Smaoinich mi ma dheidhinn an toiseach.' - Connor P2
Dannsa air beulaibh an t-sluaigh
'An rud a b’ fheàrr a chòrd riumsa, ’s e nuair a bha sinn a’ dannsa agus a thàinig na solais dhathte air: solais a bha ag atharrachadh. An fheadhainn bhuidhe is uaine a b’ fheàrr leam.' - Magnus P4
'Bu thoigh leamsa a’ bholcàno aig Rowan. Bu thoigh leam mar a bha e a’ sputadh às. ' - Caleb P4
'An dèidh na cuirm mu dheireadh, bha thu a’ faireachdainn gun robh thu air rudeigin a choileanadh. A’ sealltainn suas is a’ faicinn an luchd-amhairc a’ coimhead oirnn is a’ bualadh am basan. ’S e faireachdainn eagalach math a bh’ ann. Bha gàire air d’ aodann a
dh’fhuirich air.' - Jamie P7
|
Beachdan an Luchd-Ealain
“Nan dèanainnsa oidhirp air cur an cèill de seòrsa pròiseict a bh’ anns An Dealbh Mhòr mar phìos obrach, de seòrsa rud anns an robh mi fhìn an sàs - cha b’ urrainn dhomh; chan eil comharra no cruth ann ris an samhlaich mi e. Cha b’ e ‘opera’, ballet’ no ‘musical’ a bh’ ann, ged a chaidh iadsan uile a lorg mar phàirtean dheth. B’ e tachartas a bh’ ann a chaidh a thogail air na h-ealain faicsinneach, air dannsa, air ceòl saor-nòs agus air soillseachadh, agus bha a h-uile fear dhiubh ag obair aig ìre inbheach: cha b’ e “pròiseact cloinne” a bh’ ann idir, ach pìos ealain.
Aig an àm a chaidh an tachartas An Dealbh Mòr a chur air adhart, bha sealbh aig a’ chlann fhèin air, agus aig Bun-Sgoil Shlèite; b’ e obair inbheach - pìos performance art - a bh’ ann, obair a bha air fàs na pàirt mhòr den choimhearsnachd aice.”
Piers Hellawell
Tha mi a’ smaointinn gun robh e uabhasach freagarrach gun robh sinn a’ bruidhinn ann an Gàidhlig, a’ chànan aig a bheil buinteanas ri àrainneachd an Eilein.
Sarah Nic an t-Saoir
|
Beachdan an Luchd-Èisteachd
Chanainnsa gu bheil An Dealbh Mòr na obair ealain choileanta. Tha e ealanta gu chùl, eadar gluasad na cloinne, an obair charachaidh, agus an lèirsinn farsaing a thug ri chèile e. Cò bha dol a ràdh, às dèidh siud, nach eil clann a’ tuigsinn na tha eas-cruthach. Cainnt-ealain a bh’ ann, gu tur. Ciamar a nì mi luaidh air?
Meg Bateman
Tha a h-uile càil aige a bheir soirbheachas dha: dìlseachd, mac-meanmna agus luchd-ealain sgileil a’ dol gu dealasach an sàs ann.
Jim Tough, Ceannard nan Ealan, Comhairle Ealain na h-Alba (SAC)
Dh’obraich a’ phròiseact seo fìor mhath aig iomadach ìre. Foghlam mar bu chòir.
Tormod MacGilliosa Stiùiriche, Sabhal Mòr Ostaig
|
Site Last Updated - 30/07/2010 15:33:30
|