ENGLISH

Ealain A-muigh

Le taic-airgid bho Bòrd na Gàidhlig, bha Lasair Ealain toilichte pròiseact ùr a chur air dòigh aig tòiseach a' Ghearrain 2009.

Am bliadhna, fhuair sinn barrachd taic-airgid bho Bòrd na Gàidhlig agus bi sinn a- ruith bùthan-obrach ann an coimhearsnachdan eile air feadh na h-eilein.

'S e sreath de bhùthan-obrach taobh a-muigh a th' ann an Ealain A-muigh. Thèid an cumail tro mheadhan na Gàidhlig. Bidh an sgoil gu lèir an sàs agus bidh làithean ann airson a' choimhearsneachd cuideachd.

Bidh na bùthan-obrach a' coimhead air a' chruth-tìre agus an àrainneachd ionadail is togaidh iad na h-inntinn àire air an sgìre far a bheil sinn a' fuireach. Bidh luchd-ealain proifeiseanta a' teagasg.

Ruith na làithean mar a leanas:

  • ag obair taobh a-muigh a' cleachdadh peansail bog agus leabhraichean tron mhadainn.
  • ag obair air dealbhan nas motha (A1) A1 tron fheasgar a' cleachdadh  gual-fhiodha agus a' coimhead air tòna, cruth agus inneach.
  • Còmhradh fosgailte mu na dealbhan. 'S urrainn do gach duine dealbh a thaghadh is can rudeigin mu dhèidhinn.
  • Mar a tha na dealbhan ag adhartachadh, tòisichidh sinn dathan-uisge a chleachdadh agus le sin, thig eòlas mu dathan is mar a tha iad ag obair agus a' dol leotha.

Airson cinn-latha nan bùth-obrach, bruth an seo.

 

Barrachd dealbhan ri fhaicinn

an seo

Site Last Updated - 30/07/2010 15:33:30
Created by Skye Paperwork www.skyepaperwork.com