Le taic-airgid bho Bòrd na Gàidhlig, bha Lasair Ealain toilichte pròiseact ùr a chur air dòigh aig tòiseach a' Ghearrain 2009.
Am bliadhna, fhuair sinn barrachd taic-airgid bho Bòrd na Gàidhlig agus bi sinn a- ruith bùthan-obrach ann an coimhearsnachdan eile air feadh na h-eilein.
'S e sreath de bhùthan-obrach taobh a-muigh a th' ann an Ealain A-muigh. Thèid an cumail tro mheadhan na Gàidhlig. Bidh an sgoil gu lèir an sàs agus bidh làithean ann airson a' choimhearsneachd cuideachd.
Bidh na bùthan-obrach a' coimhead air a' chruth-tìre agus an àrainneachd ionadail is togaidh iad na h-inntinn àire air an sgìre far a bheil sinn a' fuireach. Bidh luchd-ealain proifeiseanta a' teagasg.
Ruith na làithean mar a leanas:
ag obair taobh a-muigh a' cleachdadh peansail bog agus leabhraichean tron mhadainn.
ag obair air dealbhan nas motha (A1) A1 tron fheasgar a' cleachdadh gual-fhiodha agus a' coimhead air tòna, cruth agus inneach.
Còmhradh fosgailte mu na dealbhan. 'S urrainn do gach duine dealbh a thaghadh is can rudeigin mu dhèidhinn.
Mar a tha na dealbhan ag adhartachadh, tòisichidh sinn dathan-uisge a chleachdadh agus le sin, thig eòlas mu dathan is mar a tha iad ag obair agus a' dol leotha.
Cumaibh sùil a-mach airson cinn-là agus fios ùr mu Ealain A-muigh 2009/10