![]() |
||
|
Air Iomlaid Dun Eideann Latha 1Air Iomlaid Dun Eideann Latha 4Air Iomlaid Dun Eideann Latha 3Air Iomlaid Dun Eideann Latha 2Air Iomlaid Latha 3Index Air Iomlaid latha 2by sgioba blogaidh - 15:32 on 09 September 2009
A raoir bha cèilidh ann aig an Ionad Clan Dhòmhnaill b’ e cothrom math a bh’ann a’ measgachadh ri chèile. Bha tòrr biadh agus deoch ann agus chluich Sadie & Neil air ar shon. ‘S e oidhche sgoinneil a bh’ ann . Chaidh sinn gu An Torran agus thug sinn an stuth às a’ bhus. An uair sin rinn sinn na dealbhan beaga againn. Bha tòrr beanntan ann, caoraich agus a’ mhuir anns An Torran. Às dèidh an t-uisge agus an guth an-dè bha e uamhasach griannach. Nuair a thàinig sinn air ais bho Torrin, thug sinn a h-uile rud far a’ bhus agus chaidh sinn a-steach dhan talla. Thòisich feadhainn dhaoine na dealbhan aca ach bha tòrr nach robh! Mar sin fhuair daoine pàipear agus buird neo na dealbhan aca agus chum iad air adhart. Air sgàth ‘s gu bheil mòran dhuinn is tha an t-àte cho trang bha sinn uile air a bhith a’ sgaradh ann am buidheann agus chaidh dhà dhiubh a-mach gu an clas agus àite ealain. An diugh cha robh cothrom againn a’ dèanamh comhradh mòr mu na dealbhan againn ach rinn feadhainn dhaoine fear beag le dà neach ealain leis na leabhraichean againn, oir bha tòrr bruidhinn ann. Tha na daoine bho Dùn Èidinn agus an t-Eilean Sgitheanach a’ faighinn air adhart gu math agus tha tòrr dhaoine a’ dèanamh caraidean ùr.
Fhuair sinn snack agus an uair sin air ais ag obair. Chaidh feadhainn dhuinn gu bùth-obrach beaga le Scottish National Heritage. Bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn moss agus nadar. An uair sin air ais ag obair. Bha e a’ tòiseachadh a bhith fluich agus ghabh sinn lòn air a’ bhus. An uair sin bha e cho fluich agus gaothach (a-rithist!)
Add your comment Please note that whenever you submit something which may be publicly shown on a website you should take care not to make any statements which could be considered defamatory to any person or organisation.
|
|
|
| Created by Skye Paperwork www.skyepaperwork.com | ||