![]() |
|||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||
Air Iomlaid" 'S e pròiseact a tha Lasair Ealain a' dèanamh le Bunsgoil Tollcross. Tha Tollcross a' tighinn gu Slèite agus nì sinn dealbhan leotha. Nì Lasair Ealain an aon rud." Le Brìghde
Seo pròiseact ùr a bhios a thòisich ann an 2009. 'S e pròiseact mòr a th' ann agus tha sinn ag obair còmhla ri Bunsgoil Crois na Cìse ann an Dùn Èideann agus The Fruitmarket Gallery (Dùn Èideann). Tha e sgoinneil! Fhuair sinn TÒRR airgid bho Comhairle Ealain na h-Alba gus an urrainn dhuinn am pròiseact seo a dhèanamh. An toiseach bha sinn trang ag ullachadh air a shon - ag òrdachadh na rudan a bhios sinn a' cleachdadh - leabhraichean, gual-fhiodha, peansailean, peant is eile. Bha e math! Nise, tha sinn eadar an dà iomlaid fhèin. Bha clann à Bun-sgoil Crois na Cìse an seo san Eilean Sgitheanaich agus thèid sinne sìos dhan Bhaile Mhòr a dh'aithghearr. Tha sinn air a bhith ag obair gu math cruaidh agus tha dealbhan àlainn, sònraichte againn uile. Cuiridh sinn naidheachd agus dealbhan suas gu tric - thigibh air as a dh' aithghearr! Barrachd fios mun phròiseact fhèin an seo |
|||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||
| Created by Skye Paperwork www.skyepaperwork.com | |||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||